Only in the Inverness Courier
The Inverness Courier
13 March, 2010
RSS
Published:  09 November, 2007

NUAIR a bha mi ann an Tasmania as t-samhradh, thadhail air feadhainn a tha an sàs ann an leasachadh cànan nan Tùsanach.

advertising

Tha pròiseact air leth inntinneach aca, a tha ag amas air an cànan aca ath-bheothachadh, agus i an ìre mhath marbh airson còrr is ceud bliadhna, le dìreach corra abairt is facal is rann air an cuimhneachadh leis na daoine. Ma tha eisimpleir air an t-saoghal mhòr a' sealltainn cho cudromach 's a tha cànan do shluagh, sin e!

Tha iad a' dol air ais gu seann làmh-sgrìobhainnean an 19mh linn airson faclan is abairtean ionnsachadh is an uair sin a sgaoileadh don choimhearsnachd. Sgrìobh mi mu dheidhinn ann an Cothrom (iris 53) is ma tha ùidh agaibh, mholainn gum faigh sibh ballrachd ann an Clì Gàidhlig. Gheibh sibh ceithir irisean gach bliadhna an cois cosgais na ballrachd. Fònaibh gu (01463) 226710 no cuiribh post-d gu cli@cli.org.uk

Ach bu mhath leam rudeigin eile co-cheangailte ris na Tùsanaich a chur air mullach a' Pheursa. Nuair a thuirt mi ris na Tùsanaich gun robh mi à Alba is gun robh mi an sàs ann a bhith ag ath-nuadhachadh ar cànain dùthchasaich, bha iad gu math aoigheil, càirdeil. Ach rinn iad soilleir nach robh iad toilichte le Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. Carson? Tha e mu dheidhinn claigeann.

Nuair a nochd na Breatannaich ann an Tasmania ann an 1803, dh'atharraich beatha nan Tùsanach gu tur. Roimhe sin, bha beagan mhìltean dhiubh ann, sgapte air feadh an eilein (a tha cho mòr ri tìr-mòr na h-Alba). Cha b' fhada gus an robh an dà shluagh an ugannan a chèile — agus bha gunnaichean aig na h-Eòrpaich. Bidh fios agaibh cò "bhuannaich". Dh'fhuiling na Tùsanaich ainneart, murt is marbhadh. Ruith galairean Eòrpach tromhpa. Nuair a bha dìreach na beagan cheudan dhiubh air fhàgail, mun aon àm 's a bha na Fuadaichean a' tachairt ann an Alba, chaidh dùthchasaich Thasmania fhuadachadh cuideachd. Chaidh an cur do champaichean far an robh iad "sàbhailte" — ach cha robh anns na campaichean ach ticeadan aon-sligheach don uaigh, co-dhiù ruigte an ceann-uidhe sin taobh a-staigh ùine bheag no ùine mhòr.

Ach cha robh fois ann am bàs do na Tùsanaich. Air sgàth 's gun robh mòran anns an Roinn Eòrpa gan tomhas mar dhaoine "prìomhadail", bha fèill air na cnàmhan aca agus gu seachd àraidh air na claiginn aca. Bha na claiginn "a' dearbhadh" cho "prìomhadail" 's a bha iad ann an sùilean cuid. Airson grèim fhaighinn air pìosan de chnàimhnich, chaidh cuirp a chladhach a-mach à uaighean. Bha e eadhon na bu mhiosa na sin. Tha e clàraichte gun do gheàrr lannsairean is eile cinn far cuirp nuair a bha an duine dìreach air bàs fhaighinn, agus e fhathast gun a bhith fuar cha mhòr. Bha cuid de na Breatannaich/Astràilianaich a rinn a leithid am measg nan daoine as cliùitiche rin linn. An-diugh bhiodh iad air an cur don phrìosan airson a bhith ri eucoir sgriosail, agus bhiodh iad airidh air.

Agus càite an deach na cnàmhan is cinn? Is iongantach mura deach cuid dhiubh gu taighean-tasgaidh ann am Breatainn. Ged nach urrainn a bhith cinnteach uaireannan ciamar a fhuaras grèim air claigeann no cnàmhan, cha do dh'fhàg gin dhiubh Tasmania le toil nan daoine dham buineadh iad — an duine fhèin no a' choimhearsnachd aige.

Tha an suidheachadh seo a' goirteachadh nan Tùsanach Tasmanianach fhathast. Tha mòran taighean-tasgaidh eile ann am Breatainn air cnàmhan is claiginn a thoirt air ais mu thràth, ach tha Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba dìreach air a ràdh thuige seo gu bheil iad "a' beachdachadh fhathast" air a' chùis. Tha a' chùis sìmplidh. Thachair ana-ceartas. Tha an t-àm ann an t-ana-ceartas a cheartachadh. Cha bu chòir do leithid de chlaigeann a bhith aca is tha an t-àm aca a thoirt air ais do na daoine dham buin e. Dh'fhaodainn tuilleadh fiosrachaidh a chur gu duine sam bith agaibh a tha ag iarraidh sgrìobhadh don Thaigh-thasgaidh mun chùis. Gheibhear grèim orm aig roddy@culcabockpublishing.co.uk



E-mail Updates
  • highlands
  • gifts
  • Horoscopes
  • hotels
  • Heritage bid
  • Photo Sales
  • tourism
THE BIG VOTE

Does Inverness deserve its nomination as an architectural "carbuncle"?

  • Yes
  • No
All content copyright 2008 Scottish Provincial Press Ltd.