Published: 22 August, 2008
CHAN eil planaichean sam bith aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn iarraidh air luchd-siubhail air bòrd nan soithichean-aiseig aca dearbhadh cò iad le cairt a ghiùlaineas dealbh pearsanta.
|
Published: 15 August, 2008
THA amharas agam gum bi e eadhon nas dorra ceannard ùr a lorg do Bhòrd na Gàidhlig an turas seo na bha e o chionn beagan is bliadhna nuair a bha dàil ann mus d' fhuair Coinneach Moireach an dreuchd. Bidh e follaiseach do dhuine sam bith a th' air a bhith a' cumail sùil air a' chùis gum bi Ceannard Bòrd na Gàidhlig nas buailtiche a bhith a' faighinn càineadh seach moladh.
|
Published: 08 August, 2008
BORE da. No prynhawn da ma tha sibh a' leughadh seo feasgar. Chan eil mo chuid Cuimris a' dol mòran na b' fhaide na sin ach chuala mi gu leòr dhith an t-seachdain sa chaidh, agus mi ann an Aberystwyth airson beagan làithean. Agus 's e am facal a bu mhotha a chuala mi, agus a chòrd rium, "croeso". 'S e sin "fàilte" agus "'s e do bheatha" ann an Cuimris agus cluinnear gu tric e. Oir 's e fàilte chridheil a fhuair mi anns gach àite.
|
Published: 01 August, 2008
THA e inntinneach aig amannan a bhith a' dèanamh coimeas eadar mar a tha na meadhanan Gàidhlig a' dèiligeadh ri coimhearsnachdan beaga na h-Alba agus ceàrnaidhean dhen aon seòrsa ann an Èirinn.
|
Published: 25 July, 2008
MA tha duine ag iarraidh dearbhadh air cho feumail 's a tha an t-Aonadh Eòrpach don t-saoghal mhòr, cha leig iad a leas ach sùil a thoirt air na thachair aig toiseach na seachdain seo, agus Serbia gu bhith a' toirt seachad Radovan Karadzic don chùirt eadar-nàiseanta a tha a' dèiligeadh ri eucoirean cogaidh.
|
Published: 18 July, 2008
THA cuimhne agam a bhith ag èisteachd ri Tonaidh ("rabhadh de 45 mionaid") Blair, agus e a-mach, le onarachd na ghuth (agus 's ann tric a bha a ghuth mar sin) mu cho dìleas 's a bha Breatainn gu bhith ri cumhachd ath-nuadhachail. Dè an targaid a bh' ann? 20% de chumhachd dealain na dùthcha ron bhliadhna 2020? 40% ro mheadhan an linn? Chan eil cuimhne agam. Tha dìreach cuimhne agam air a bhith coimhead air aodann a' Phrìomhaire nuair a bha e a' toirt seachad a leithid de ghealltanas agus a' cantainn rium fhìn, "Aidh, aidh a Thonaidh. Ge bith dè chanas tu, chan eil thusa ("armachd lèirsgrios") ga chreidsinn, chan eil an sluagh ga chreidsinn is chan eil mise ga chreidsinn."
|
Published: 11 July, 2008
THA an t-àm againn ann an Alba a bhith a' beachdachadh mu chlubaichean chàraichean a chur air dòigh. Chan eil mi a' ciallachadh airson a bhith a' rèiseadh no airson a bhith a' brosnachadh dhaoine gus tuilleadh dràibhidh a dhèanamh. Gu dearbh, 's ann air a' chaochladh a tha e. Tha clubaichean chàraichean a' brosnachadh dhaoine gus nas lugha dràibhidh a dhèanamh.
|
Published: 04 July, 2008
ANNS a' cholbh seo an t-seachdain sa chaidh chuir mi air adhart mo bheachd gur e làrach na Colaiste air a' Chrùn an t-àite as fheàrr airson taigh-tasgaidh is taigh-taisbeanaidh ùr do dh'Inbhir Nis.
|
Published: 27 June, 2008
DÈ ur beachdan air an làraich airson Gailearaidh is Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd? Tha taghadh ann de chòig àiteachan an ìre mhath ann am meadhan a' bhaile. Dhomh fhìn dheth, ge-tà, tha an "Ìomhaigh dhan Àm ri Teachd" mar a chaidh fhoillseachadh anns a' phàipear-naidheachd seo an t-seachdain sa chaidh gun a bhith coileanta.
|
Published: 20 June, 2008
THA mi air a bhith a' siubhal air trèanaichean gu tric o chionn ghoirid, eadar Inbhir Nis agus an ceann a deas, agus tha mi a' fàs seach searbh sgìth de bhith anns an aon charbad ri daoine a th' air cus òl agus — nas miosa — a tha fhathast ag òl air an t-slighe.
|
Published: 13 June, 2008
'S e am monadh an t-àite as fheàrr airson meòrachadh aig amannan oir tha d' inntinn saor bho na rudan àbhaisteach a tha ga lìonadh. Bha cothrom agam beagan meòrachaidh agus beagan iasgaich a dhèanamh còmhla aig toiseach na seachdain seo, agus mi fhìn is caraid air chuairt eadar Gleann Moireasdan is Gleann Urchardain tarsainn a' Chràthaich.
|
Published: 06 June, 2008
THA mi fortanach gu leòr 's gum faca mi am "milleadh" a tha dobhar-choin, no bìobhairean, a' dèanamh air coilltean ann an Alba.
|
Published: 30 May, 2008
MO nàire. Feumaidh mi aideachadh gun robh mi gu tur aineolach. Ged a tha mi ag obair, dh’fhaodar a ràdh, ann an leasachadh ar cànain, cha robh càil a dh’fhios agam gu o chionn ghoirid gur e seo Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànanan.
|
Published: 23 May, 2008
BHA mi a' feitheamh ri dà rud o chionn fhada agus thachair iad taobh a-staigh nan deich latha a dh'fhalbh. Rudan dona dha-rìribh.
|
Published: 16 May, 2008
NACH eil poilitigs na h-Alba inntinneach an-dràsta?! Tha cuimhne mhath agam mar a bha e tràth sna 1990an nuair a bha Magaidh Thatcher agus Iain Major os cionn Bhreatainn agus mar a bha cùisean cho dubhach. Às dèidh bhliadhnaichean ann an Astràilia far a bheil an siostam poilitigeach nas deamocrataigiche na siostam Bhreatainn bha poilitigs Bhreatainn dhòmhsa coltach ri fear le aona chas an sàs ann an ribe.
|
Published: 09 May, 2008
THA mi an dòchas gun robh Coinneach Moireach agus a chompanaich aig Bòrd na Gàidhlig mothachail don bhuaidh a thug an cleasaiche Eòghann MacGriogair air beachdan a' phobaill air cuspair àraidh o chionn ghoirid.
|
Published: 02 May, 2008
"CHO grad ri feòrag Chèitein" tha an samhladh Gàidhlig ag innse dhuinn, ach gu mì-fhortanach 's iad na feòragan glasa as graide ann an Alba. Agus 's e fìor dhroch naidheachd a fhuair sinn o chionn ghoirid gun deach feòrag ghlas fhaicinn air a' Ghàidhealtachd – an seo air iomall Inbhir Nis.
|
Published: 25 April, 2008
DHÙIN farpais aig a' BhBC an t-seachdain seo airson a' Chòisir as Fheàrr ann am Breatainn a thaghadh. Chan eil fhios agam an do chuir còisir Ghàidhlig tagradh a-steach ach, eadhon ma chuir, tha mi cinnteach nach buannaich iad. Ma tha sinn gu bhith fìrinneach, tha còisirean Gàidhlig feumach air ùrachadh.
|
Published: 18 April, 2008
THA mòran daoine a bha na b’ eòlaiche air Sìm MacCoinnich nach maireann na mise, a th’ air am beachdan a thoirt air a bheatha anns an t-seachdain a dh’fhalbh, ach cha b’ urrainn dhomh leigeil le a bhàs a dhol seachad gun iomradh air a chur air a’ Pheursa. Tha sinn, ann an saoghal na Gàidhlig, air buille is call mòr fhulang bho chaochail e o chionn ghoirid.
|
Published: 11 April, 2008
AIR 23 Cèitean 1951 chaidh ainmean a chur ri aonta ann am Beijing — baile mòr nan Geamannan Oilimpigeach, 2008. Seo a' chiad phàirt de Earrann 1: "Thig sluagh Thibèt còmhla airson feachdan ionnsaigheach ìmpireachdail fhuadach a-mach à Tibèt..." Bidh sibh a' faighneachd, ma thà, carson a tha na Sìonaich fhathast ann?
|
Published: 04 April, 2008
THA mi dìreach air tilleadh bho sheachdain air leth ann an Èirinn, agus mi aig cùrsa airson Gaeilge ionnsachadh aig ionad beag brèagha ann an taobh an iar Thìr Chonaill (contae Dhùn nan Gall).
|
Published: 28 March, 2008
THA e fìor dhuilich gu bheil a' ghràin-chreideimh a th' air uiread de chron a dhèanamh ann an Èirinn air nochdadh ann an Inbhir Nis, agus na h-Apprentice Boys of Derry Inverness Campsie Club gu bhith a' caismeachd tron bhaile air 5 Giblean.
|
Published: 21 March, 2008
'S E DÙTHAICH iongantach a th' ann an Nirribhidh. Dh'fhàg mi beanntan na dùthcha Diluain, às dèidh dhomh seachdain a thoirt seachad a' sgitheadh ann an àiteachan àlainn.
|
Published: 17 March, 2008
THA aon rud inntinneach mu bhith a’ dol air bòrd trèana gu Inbhir Nis a thòisich ann an Lunnainn, seach Glaschu no Dùn Èideann.
|
Published: 10 March, 2008
THA mi air a bhith a' leughadh beagan de smuaintean Alasdair MhicCaluim air suidheachadh na Gàidhlig o chionn ghoirid agus tha iad gu math inntinneach. Bidh feadhainn agaibh eòlach air Alasdair, a bhuineas do Shiorrachd Lannraig, oir tha e na oifigear Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba agus tha e uabhasach dèidheil air ar cànan.
|
Published: 29 February, 2008
NACH annasach an càirdeas a nochdas aig amannan eadar mac an duine agus beathaichean.
|
Published: 22 February, 2008
BHITHTE an dòchas gun tig linn ùr ann an Ciuba, agus Fidel Castro air a ràdh nach seas e tuilleadh mar Cheann-suidhe na dùthcha.
|
Published: 15 February, 2008
CHA do thachair mi riamh ris a' Mhaharishi Mahesh Yogi a chaochail an t-seachdain sa chaidh, ach thachair mi ri feadhainn dhen luchd-leantainn aige. Bha sin o chionn còrr is deich bliadhna fichead nuair a bha mi fhathast aig an oilthigh. Bha coltas ann gun robh e doirbh dhaibh cumail ri teagasg an fhir naoimh Innseanaich.Anns a' bhliadhna mu dheireadh agam san oilthigh (ann an Astràilia) bha mi an sàs ann am pròiseact mòr rannsachaidh agus bha agam ri fuireach sa cholaiste agam thar seachdainean an t-samhraidh nuair a bha a' chuid a bu mhotha de na h-oileanaich air làithean-saora. Aig an àm sin thigeadh feadhainn eile a dh'fhuireach anns a' cholaiste agus uaireannan bha feadhainn a bh' air nàdar de "ratreut" nam measg. Dhiùlt an fheadhainn a bhuineadh don Eaglais Shasannaich bruidhinn ri duine oir cha robh "cead" aca. Mar sin, bha mi car cleachdte ri feadhainn a bhith an làthair nach bruidhneadh rium.
|
Published: 08 February, 2008
THA Sawney Bean air a bhith sna naidheachdan às ùr oir cha chreid mi nach do chuir cuideigin às leth nan Sasannach gun do chruthaich iad eachdraidh a bheatha airson na h-Albannaich a chur ann an dìmeas.
|
Published: 01 February, 2008
BU mhath leam a ràdh gu bheil Rolf air leth toilichte mun naidheachd a nochd aig toiseach na seachdain seo — gu bheil coin le dìleab ghinideach mheasgaichte nas comasaiche ann an iomadach dòigh na tha an fheadhainn as urrainn teisteanas gleansach a chur air a' bhalla agus àite a ghabhail ann am fèill Chrufts. Tha mi a' ciallachadh le sin an fheadhainn a bhuineas do dh'aon ghnè mar "labrador" (nach eil à Labrador).
|
Published: 25 January, 2008
THA e coltach gu bheil an aon rud a' tachairt a thaobh na Gàidhlig an-dràsta 's a thachair sna Meadhan Aoisean ri linn nan Lochlannach. 'S e sin gu bheil prìomh aros a' chànain a' gluasad a dh'ionnsaigh na h-àirde an ear.
|
Published: 18 January, 2008
CHA bhi am Proifeasair Seumas Mac an t-Sealgair toilichte leam ach chan eil mise a' creidsinn gun d' fhuair sinn luach an airgid, agus sinn a' cosg £300,000 ann an dusan mionaid Disathairne sa chaidh (air na cleasan teine).
|
Published: 11 January, 2008
AN e dìreach treubhachd a chuir na diofar shlòigh ann an Ceinia an amhaichean a chèile o chionn ghoirid? Tha mi a' cur na ceist oir tha feadhainn air a bhith a' dèanamh coimeas eadar na thachair an sin agus am murt-sluaigh ann an Rwanda ann an 1994. 'S e a' ghràin a th' aig diofar threubhan do chèile a bh' air cùl na dhà. Nach e?
|
Published: 04 January, 2008
AN tug sibh sùil air an ionad ùr aig Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Cùil Lodair fhathast? Seo an t-àm airson a dhol ann oir tha e an-asgaidh gu ruige 13 Faoilleach, fhad 's as fiosrach mi.
|
Published: 28 December, 2007
CHAN eil e fìor ri ràdh nach fhaod dùthaich a bhith ceangailte gu poilitigeach ri sluagh eile aig a bheil cànan is cultair eadar-dhealaichte, agus a bhith neo-eisimeileach bho fheadhainn an ath-dhoras aig a bheil an aon chànan is cultar.
|
Published: 21 December, 2007
DÈANAIBH an daorach nas daoire! Tha fhios agam gun tèid mo chàineadh le cuid airson seo a ràdh, gu h-àraidh aig an àm seo dhen bhliadhna – ach tha mi a' dol ga ràdh co-dhiù. Tha deoch làidir ro shaor ann an Alba.
|
Published: 14 December, 2007
NACH truagh an suidheachadh a dh'èirich do Dhaibhidh Leggatt bochd na bu tràithe air an t-seachdain seo.
|
Published: 07 December, 2007
THA e doirbh a ràdh dè tha a' dol a thachairt a thaobh na seirbheis dhidseataich Ghàidhlig air an telebhisean a th' anns an amharc airson na h-ath-bhliadhna, ach tha e air a bhith inntinneach faicinn mar a tha an gnothach seo air smior a thoirt do chuid de ar nàimhdean am beachdan nimheil fhoillseachadh às ùr.
|
Published: 30 November, 2007
NACH math don Phàrtaidh Làbarach gu bheil cùis an tabhartais airgid air aire nam meadhanan 's a' mhòr-shluaigh a ghabhail an t-seachdain seo?
|
Published: 23 November, 2007
MÌLE meal a naidheachd air ar càirdean Gàidhealach ann an Alba Nuadh a rinn a' chiad fhilm Gàidhlig riamh ann an Ameireagaidh a Tuath o chionn ghoirid.
|
Published: 16 November, 2007
ABAIR goireas math a th' againn ann an Taigh-cluiche Eden Court a-nise. Mura ghabh sibh an cothrom sùil a thoirt air an àite ùr leasaichte air an deireadh-sheachdain, mholainn dhuibh gun tèid sibh a dh'aithghearr. 'S e adhbhar math eile airson a bhith a' fuireach ann an Inbhir Nis.
|
Published: 09 November, 2007
NUAIR a bha mi ann an Tasmania as t-samhradh, thadhail air feadhainn a tha an sàs ann an leasachadh cànan nan Tùsanach.
|
Published: 02 November, 2007
DH'IONNSAICH mi rudeigin gu math inntinneach bhon chòmhradh a bha eadar mi fhìn is Niall Midseasan, Riochdaire a' Choimisein Eòrpaich ann an Alba, aig Coinneamh Bhliadhnail Chlì Gàidhlig Disathairne sa chaidh ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
|
Published: 26 October, 2007
AN do chòrd Cupa Rugbaidh na Cruinne ribh? Chòrd cuid de na geamannan anabarrach math rium ach bha na h-iar-chuairtean deireannach agus a' chuairt dheireannach truagh.
|
Published: 19 October, 2007
CHA d' fhuair mi gu mòran tachartasan aig a' Mhòd am-bliadhna, ach bha mi aig latha sònraichte a bha mar phàirt dhen iomall.
|
Published: 12 October, 2007
THA mi an dòchas gum faca a h-uile duine agaibh am film Gàidhlig "Seachd" a bha aig taigh-dhealbh VUE ann an Inbhir Nis thairis air na beagan làithean a dh'fhalbh. Gu mì-fhortanach cha d' fhuair mi fios ann an àm airson innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh ach tha mi an dòchas gun cuala sibh mu dheidhinn mar naidheachd-bheòil.
|
Published: 05 October, 2007
CUIR suas do làmh ma tha thu a' smaoineachadh – le làn-chinnt, gun teagamh sam bith nad cheann – gu bheil Abdelbaset Ali Mohmed al-Megrahi ciontach de bhomadh Logarbaidh.
|
Published: 28 September, 2007
BHA aithrisean anns na pàipearan-naidheachd an t-seachdain sa chaidh mun duilgheadas a bhiodh ro Alba nam faigheadh i neo-eisimeileachd.
|
Published: 21 September, 2007
THA mi air leth toilichte gu bheil an Scottish Mountaineering Trust air lethbhreac ùr fhoillseachadh dhen leabhar "Scottish Hill Names" aig Peter Drummond.
|
Published: 14 September, 2007
THA mi dìreach air beagan làithean a chur seachad aig Loch Laomainn agus abair gun do chòrd e rium.
|
Published: 07 September, 2007
THA suidheachadh Bhaluchistan a' dearbhadh cho dà-bhusach 's a tha riaghaltasan air feadh an t-saoghail mu dheidhinn còraichean slòigh.
|
Published: 31 August, 2007
NACH do chuir an comhairliche ionadail, Coinneach MacLeòid, an ceòl air feadh na fìdhle nuair a dh'fhoillsich e a bheachd gum bu chòir cur às don Mhòd Rìoghail Nàiseanta.
|
Published: 24 August, 2007
CHANADH mòran gur e stòiridh de shoirbheas a th' air a bhith ann am Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, agus gu ìre tha sin fìor.
|
Published: 17 August, 2007
CO shaoileadh gum biodh a' chiad cheud latha aig Riaghaltas Nàiseantach ann an Alba air a dhol cho math, gun chòmhstri mhòr eadar Dùn Èideann is Lunnainn, agus an SNP a' dèanamh adhartas fad na h-ùine a rèir nan cunntasan-bheachd? Tha Ailig Salmond air a bhith gu math glic.
|
Published: 10 August, 2007
CHAN ann tric a leughas mi leabhar mun Ghàidhealtachd, a th' air a sgrìobhadh le coigreach, a chòrdas rium cho math ri "Wilderness Dreams" le Mike Cawthorne.
|
Published: 03 August, 2007
BHA mi ann an Astràilia nuair a chualas mu na h-ionnsaighean boma ann an Lunnainn agus Port-adhair Ghlaschu.
|
Published: 27 July, 2007
THOG Fearghas Ewing beachd inntinneach anns a' cholbh aige Dimàirt — gum bu chòir Taigh-taisbeanaidh a bhith ann an Inbhir Nis do na Fuadaichean.
|
Published: 20 July, 2007
THA mi airson ’s gun cum sibh aon fheasgar an ath-mhìos saor, agus le deagh adhbhar: Dimàirt 14 Lùnastal.
|
Published: 13 July, 2007
CHAOCHAIL seann charaid dhomh fhìn is don Ghàidhlig an t-seachdain sa chaidh an seo ann an Tasmania.
|
Published: 06 July, 2007
CHAN eil fios aig duine dè dìreach a tha a' tachairt don aimsir an seo ann an Astràilia.
|
Published: 29 June, 2007
THA mi ann an Astràilia an-dràsta agus chan eil cuimhne agam air uiread a chluinntinn mu dheidhinn tùsanaich na dùthcha agus mar a tha iad ann an droch staing ann an iomadach coimhearsnachd. Agus tha mi a' ciallachadh droch staing — gu ìre nas miosa na rud sam bith a chitheamaid fhèin aig an taigh.
|
Published: 22 June, 2007
ANNS a' chùrsa "Gaelic Awareness" agam, bidh mi a' togail ceist nan Ceilteach.
|
Published: 15 June, 2007
MA tha sibh airson faighinn a-mach mar a tha Gàidhlig Eilean Mhanainn a' faighinn air adhart san latha a th' ann gheibh thu fiosrachadh gu leòr mun t-suidheachadh anns an iris as ùire de Chothrom.
|
Published: 08 June, 2007
THA cuid de mhinistearan Riaghaltas Bhreatainn air a bhith a' cur smuain air adhart an t-seachdain seo gum bu chòir do "Latha Bhreatainn" a bhith ann.
|
Published: 01 June, 2007
THA mi air a bhith air falbh gu tric le m' obair agus 's ann às dèidh dhomh tilleadh a chuala mi an naidheachd dhuilich mu bhàs Dhonnchaidh MhicLeòid air an robh mòran a leughas an colbh seo eòlach, tha mi cinnteach.
|
Published: 25 May, 2007
BHA mi ann an àite air leth air an deireadh-sheachdain sa chaidh — air taobh sear a' Mhonaidh Ruaidh.
|
Published: 18 May, 2007
CHA robh mi riamh ann an Nigeria ach tha mi cinnteach gur e dùthaich air leth inntinneach a th' innte.
|
Published: 11 May, 2007
FHAD 's a tha mi a' sgrìobhadh seo chan eil e cinnteach fhathast cò bhios ann mar Phrìomh Mhinistear agus dè an dreach a bhios air an riaghaltas aige, ged a tha e coltach gur e Ailig Salmond a bhios ann, agus gur ann le beag-chuid a bhios e a' dol air adhart gu Taigh Bhòid.
|
Published: 04 May, 2007
THA mi a' dol timcheall na Gàidhealtachd an-dràsta, a' lìbhrigeadh cùrsa air a bheil "Gaelic Awareness" do dhaoine, feuch an aire a thogail do ar cànan – agus tha e follaiseach gu bheil ùidh mhòr a-muigh sin aig cuid co-dhiù.
|
Published: 27 April, 2007
’S e Boris Berezovsky an aon duine a chuala mi an t-seachdain seo a’ nochdadh cianalas is bròn ann an dhà-rìridh mu bhàs Bhoris Yeltsin ann am Mosgo aig aois 76.
|
Published: 20 April, 2007
Dè thug bàs do Napoleon Bonaparte air 5 Cèitean 1821? Airson ùine mhòr tha daoine air a bhith a' deasbad co-dhiù fhuair e bàs air sgàth puinnseanachadh le arsnaig. Bha feadhainn dhen bheachd gur iad na h-ùghdarrasan Breatannach, a bha ga chumail fo ghlas air Eilean St Helena, a rinn an gnothach air mean air mhean le arsnaig. Bha an t-eagal orra gun dèanadh e dol-às is gun robh e fhathast na chunnart do shìth is rian na Roinn Eòrpa. 'S e fianais a chaidh a lorg ann an Alba a chuir às (ann am beachd mòran co-dhiù) do theòiridh a' phuinnseanachaidh. Thig sinn gu sin an-ceartuair.
|
Published: 13 April, 2007
BIDH sibh mothachail gu bheil aig sia buidhnean poblach Albannach ri plana Gàidhlig ullachadh fo Achd na Gàidhlig, agus fo stiùireadh Bòrd na Gàidhlig, am-bliadhna, agus deich buidhnean eile gach bliadhna às dèidh sin airson greis.
|
Published: 06 April, 2007
BHA e inntinneach a bhith ann an Eilean Mhanainn o chionn ghoirid airson a' chiad turais riamh. Chaidh mi ann airson sùil a thoirt air a' chànan aca airson Cothrom – an iris dha-chànanach aig Clì Gàidhlig a tha mi a' deasachadh.
|
Published: 30 March, 2007
ABAIR seachdain airson planaichean Gàidhlig. Thill mi bho Eilean Mhanainn (tuilleadh mu dheidhinn sin uaireigin) agus chan e mhàin gun robh Bòrd na Gàidhlig deiseil airson am plana nàiseanta fhoillseachadh, ach bha lethbhreac dhen phlana cànain aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' feitheamh rium.
|
Published: 23 March, 2007
CHUALA mi droch naidheachd an-diugh – gu robh fear air an robh mi gu math eòlach aig an oilthigh nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia – air a bhith air a ghoirteachadh gu dona anns an tubaist-adhair ann an Yogyakarta ann an Indonesia, nuair a chaidh plèana Gharuda na smàl.
|
Published: 16 March, 2007
ÀS dèidh na thachair ann an Nirribhidh aig deireadh na seachdain sa chaidh, tha fhios gum bi feadhainn a’ faighneachd, “Carson a tha daoine a’ dol a dh’àiteachan mar sin anns a’ gheamhradh?”
|
Published: 09 March, 2007
THA feadhainn a tha an sàs ann an “ceòl nuadh na Gàidhlig” ag ràdh gu bheil “deiseil gus crathadh a thoirt do Thìr nan Gaidheil bho cheann gu ceann”.
|
Published: 02 March, 2007
CHA mhòr nach eil 80 bliadhna air a dhol seachad bho chaochail Frances Tolmie, tè a dh’fhàs ainmeil airson ’s mar a chruinnich i òran nan Gàidheal.
|
Published: 23 February, 2007
CHA chreid mi nach eil na Libearalaich Dheamocratach air mearachd a dhèanamh ann a bhith a’ cur “gràin-choigreach” mar chasaid air Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Bha amharas agam gum biodh an iomairt taghaidh seo na bu shalaiche na bha feadhainn airson greis, ach cha robh mi an dùil gur iad na Libdeamaich “laghach” a bhiodh a’ sadail a’ phuill cho cruaidh, agus le uiread nimhe. Airson an fhìrinn innse, ’s e dìreach aon bhall – Jamie Stone – a thug a’ chasaid sin ach, suas gu àm an sgrìobhaidh, tha buill eile mar Danaidh Alexander às an sgìre seo fhèin air diùltadh dhol an aghaidh na thuirt e. Agus tha ceannard a’ phàrtaidh ann an Alba, Nicol Stephen, air a bhith cho sàmhach ris a’ chat. Chan aichear beachd gun gluasad teangaidh.
|
Published: 16 February, 2007
CHA robh mi eòlach air Walter Clarke a chaochail o chionn ghoirid aig aois 78 bliadhna, ach tha e coltach gur e gaisgeach a bh’ ann. Ciamar? Uill, bha e am measg buidheann bheag de dhaoine air Eilean Mhanainn a rinn oidhirp mhòr sna 1940an is 1950an dèanamh cinnteach gum biodh an cànan aca air a chlàradh airson nan ginealach a bha a’ tighinn às an dèidh. Cha b’ e clàradh airson taigh-thasgaidh a bha fa-near dhà, ge-tà, ach uidheam a leigeadh le daoine anns na 1970an, 1980an is 1990an an cànan a chleachdadh le brìgh is ùghdarras, eadhon ged nach b’ i an tè a thog iad aig glùn am màthar.
|
Published: 09 February, 2007
AM bu chòir dhuinn aithreachas a ghabhail mun t-suidheachadh anns a bheil Mòd Ionadail Inbhir Nis no dìreach gabhail ris gu bheil e na chomharra air saoghal a tha ag atharrachadh?
|
Published: 02 February, 2007
THA beagan deagh naidheachd agam dhuibh an t-seachdain seo leis gu bheil sibh dà-chànanach no ioma-chànanach (tha mi a’ gabhail ris gu bheil teile agaibh a bharrachd air a’ Ghàidhlig).
|
Published: 26 January, 2007
BIDH cuimhne agaibh gun robh mi a’ foillseachadh a’ bhrisidh-dhùil a dh’fhuiling mi nuair a chaidh mi a-steach don taisbeanadh ùr ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Nis o chionn ghoirid.
|
Published: 19 January, 2007
CHAN eil fhios agam dè as motha a tha a’ bualadh orm – fearg no briseadh-dùil. Tha mi dìreach air tilleadh bhon taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh Inbhir Nis.
|
Published: 12 January, 2007
NACH brònach dha-rìridh an naidheachd mu bhàs Eòghainn MhicIlleathain an t-seachdain sa chaidh. Chaochail e le grèim cridhe, agus e ag obair ann an leas na dachaigh aige ann an Loch Àrdail.
|
Published: 05 January, 2007
NUAIR a bha anns an Tìr mu Thuath ann an Astràilia o chionn beagan bhliadhnaichean fhuair mi càr air mhàl airson dràibheadh a-mach às a’ phrìomh bhaile, Darwin, gu ruige Pàirc Nàiseanta Khakadu is air adhart gu Katherine is bailtean eile.
|
Published: 29 December, 2006
CHUIR Raibeart Moyes Adam (1885-1967) seachad a’ chuid a bu mhotha de bheatha phroifeiseanta mar neach-tarraing-dhealbh ann an Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èideann, ag obair le làimh agus le camara.
|
Published: 22 December, 2006
THA mi airson ’s gun cuir na Gàidheil am beachdan air adhart air cò an gaisgeach a bu mhotha a bh’ againn a-riamh air a’ Ghàidhealtachd.
|
Published: 15 December, 2006
THA e math a bhith ag aithris deagh naidheachdan bho thall thairis agus ’s e sin a th’ agam dhuibh an t-seachdain seo à dà àite.
|
Published: 08 December, 2006
BHA mi ag èisteachd ri fear-labhairt do bhuidheann leasachaidh air a’ Ghàidhealtachd na bu tràithe dhen t-seachdain, agus e ag ràdh nach biodh cìs-thachdaidh air rathaidean na sgìre seo iomchaidh — gur e a bh’ innte cìs a bhuineadh a-mhàin do na bailtean mòra far a bheil an trafaig fìor dhona.
|
Published: 01 December, 2006
BIDH feadhainn agaibh eòlach air an ainm Nancy Dorian. ’S i an tè Ameireaganach a tha cliùiteach airson a cuid rannsachaidh air dualchainnt na Gàidhlig ann an Cataibh an Ear — a tha ri uchd bàis.
|
Published: 24 November, 2006
NUAIR a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia anns na 1980an dh’fhàs mi seachd searbh sgìth de na meadhanan a bhith a’ foillseachadh naidheachdan mu na daoine as beartaiche san rìoghachd.
|
Published: 17 November, 2006
AIR an deireadh-sheachdain sa chaidh bha mi ann an àite air a’ Ghàidhealtachd far a bheil piseach a’ tighinn air a’ Ghàidhlig.
|
Published: 10 November, 2006
BHA oraid air leth inntinneach aig Tormod Caimbeul, aig Comunn Gaidhlig Inbhir Nis an tseachdain sa chaidh.
|
Published: 03 November, 2006
BHA mi air leth toilichte an cothrom fhaighinn Dihaoine sa chaidh dhol a choimhead air Sgoil Ghaidhlig Ghlaschu.
|
Published: 27 October, 2006
AM measg nan cuspairean a chaidh a thogail mar phuing deasbaid aig Coinneamh Bhliadhnail Foram Gaidhlig Inbhir Nis an t-seachdain seo bha an t-ainm a tha sinn a' gabhail air Foghlam Tro Mheadhan na Gaidhlig ann am Beurla - "Gaelic Medium Education".
|
Published: 20 October, 2006
AN do leugh sibh an litir anns a' phaipear seo Dimairt, a' cur an aghaidh na Gaidhlig, no co-dhiu an aghaidh a' "Gaelic Mafia" (co iad?) Tha i a' sealltainn cho duilich 's a tha e gu bhith do Bhord na Gaidhlig na hamasan aca a choileanadh.
|
Published: 13 October, 2006
CHAN eil fhios agam co as motha a dh'ionnsaich aig a' chruinneachadh an tseachdain sa chaidh (a bha mar phairt de Fheis Leabhraichean Inbhir Nis) anns an robh Louis de Bernieres a' bruidhinn mu a bheatha mar sgriobhadair - sinn fhein no e fhein.
|
Published: 06 October, 2006
THA e math cluinntinn gu bheil Comhairle Baile Dhun Eideann a' cur plana ri cheile airson sealladh thar mullaichean thogalaichean a' bhaile a dhion an aghaidh tuir mhora ghranda ghlainneach.
|
Published: 29 September, 2006
CIA mheud agaibh a mhothaich gun do shiubhail fear Albannach a bha cho cliuiteach ri gin san t-saoghal mar sgriobhaiche anns a' chanan aige?
|
Published: 22 September, 2006
NUAIR a leughas sibh seo, bidh Rolf air ais comhla rinn as deidh dha a bhith fo ghlas airson beagan laithean.
|
Published: 08 September, 2006
SAOIL am bi daoine a' gabhail "An Treas Cogadh Afganach" air a' chogadh ann an Afganastan a tha sior fhas nas fuiltiche? 'S docha nach bi, leis gu bheil grunn duthchannan air a dhol comhla gus saighdearan a chur don duthaich sin, feuch stad a chur air aiseirigh nan Taleban. Ach tha aon rud fior - 's iomadh saighdear Breatannach a chailleas a bheatha anns an duthaich sin anns na miosan is bliadhnaichean romhainn.
|
Published: 01 September, 2006
THA e doirbh a bhith a' tomhas mar a bhiodh na Chagossianaich a' faireachdainn nuair a thug iad suil air na h-eileanan aca o chionn ghoirid. Sona, bronach, feargach, dochasach? A h-uile gin dhiubh sin, agus barrachd, tha mi cinnteach. Tha Chagos na croileagan de 65 eileanan beaga alainn a tha fo smachd Bhreatinn letheach-slighe eadar Afraga is na h-Innseachan.
|
Published: 25 August, 2006
THA mi air leth toilichte gu bheil luchd-tomhais fiona a' tighinn timcheall gu mo bheachd fhein mu dheireadh thall. Tha am beachdan-san is mo bheachd-sa air tighinn ri cheile agus tha mi an duil bho seo a-mach nach fhaigh mi uidhir de ghlainneachan fiona nach gabh ol.
|
Published: 18 August, 2006
THA mi an dochas gum faic mi moran agaibh Diluain sa tighinn (21mh) aig leth-uair an deidh seachd feasgar anns an Taigh-osta Thistle an Inbhir Nis. Carson? Uill, bidh cothrom agaibh ur beachdan a chur an ceill mu Phlana Naiseanta na Gaidhlig.
|
Published: 11 August, 2006
THA da bhuidhinn dhan tug mi taic mhoralta is taic airgid thairis air uine air tighinn comhla airson iomairt a dheanamh, feuch cumhnant eadar-naiseanta a chur air doigh airson smachd a thoirt air reic armachd, agus bu mhath leam innse dhuibh mu dheidhinn.
|
Published: 04 August, 2006
NACH duilich dha-riridh an naidheachd a bhuail oirnn madainn Diluain gu robh dithis oga a Peru air bas fhaighinn ann an tubaist rathaid ann an Inbhir Nis, agus iad an seo air turas Criosdail.
|
Published: 28 July, 2006
NUAIR a bhithinn cuide ri muinntir na Comraich nam oige, chluinninn iad a' cleachdadh fhaclan sonraichte airson a bhith a' gairm air beathaichean - agus an fheadhainn a dh'ionnsaich mi, 's iad a chleachdas mi fhathast - mar eisimpleir, "Ciridh, ciridh!" do chaora, "Puis, puis!" do chat agus "Diug, diug!" do chearc.
|
Published: 21 July, 2006
BHA buinteanas aig Mac a' Mhuilleir do shaoghal nan Gaidheal tro mhathair, ged nach robh an canan aige - rud a bha na bhriseadh-duil dha. Ach 's e a dh'fhag moran fiosrachaidh mu bheul-aithris nan Gaidheal.
|
Published: 14 July, 2006
THA m' inntinn fhathast letheach-slighe eadar Inbhir Nis is Uibhist a Deas, as deidh dhomh tilleadh bho sheachdain shonraichte aig Ceolas. Ma tha uidh agaibh ann an ceol no dannsa ann an suidheachadh Gaidhealach, is iongantach ma tha cail nas fhearr na Ceolas ann an Alba. Bha na ceilidhean is dannsaidhean math fhein, agus na daoine anns a' choimhearsnachd, an da chuid ann an Uibhist a Deas is Eirisgeigh, uabhasach laghach.
|
Published: 07 July, 2006
CHAN eil fhios agam cia mheud agaibh a leugh an leabhar aig Dan Brown "The Da Vinci Code" agus an uair sin a chaidh a dh'fhaicinn an fhilm.
|
Published: 30 June, 2006
THIG nadar de linn gu crich an t-seachdain sa, agus Doda Dennis a' leigeil dhith a dreuchd mar thidsear anns an aonad Ghaidhlig ann am Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis. Bha i anns an aonad fad 13 bliadhna, as deidh dhi a bhith greis air taobh na Beurla san sgoil, agus chum i lamh teann air stiuir an aonaid.
|
Published: 23 June, 2006
DE th' air a dhol cearr? Annan linn sa bheil fiosrachadhmun a h-uile gnothach anns a' chruinne-che ri fhaighinn gu furasta, tha an uiread de dh'aineolas aig ire a tha eagallach. Eagallach airson deamocrasaidh oir ma tha am mor-shluagh aineolach, ciamar as urrainn do dheamocrasaidh a bhith eifeachdach?
|